englishHorizontal LineGàidhlig
Facebook  Twitter  Soundcloud  Flickr  YouTube
Banner Image - Group Shot

Mur Dèidhinn

Outside Wallace High SchoolThòisich Fèis Fhoirt anns a bhliadhna da mhìle 's a naoi agus bha chiad Fhèis againn thairis air deireadh-seachdainn ann an Camelon, faisg air an Eaglais Bhreac. Gu h-iongantach dhuinne, thainig còrr 's ceud neach agus thuig sinn gu robh iarrtas ann air son na bha sinn a tabhann. Bho 'n uair-sin tha sinn a cumail dà Fhèis gach bliadhna, ann an Camelon anns an t-Sultainn agus ann a' Sruighlea anns a Mhàrt.

Roimh thoiseach gach Fèis bith sinn a tadhal air na bun-sgoiltean anns a choimhearsnachd. Bith sinn a deanamh cèilidh beag le ceòl is òrain agus ag innse dhaibh de bhios sinn a deanamh aig an Fhèis. Bith sinn a'cur an cèill dhan a' chlann mu na cothroman a tha ri 'm faighinn mu 'n Ghaidhlig agus cheòl Gàidhealach.

Mar thoradh air na Fèisean a bhith cho soirbheachail tha sinn a nis a'cumail clasaichean h-uile madainn Disathairne air son gun dean a' chlann piseach air na dh'ionnsaich iad aig na Fèisean.

Anns an t-samhradh am bliadhna, da mhìle 's a tri-deug, bha 'n darna Ceilidh Trail Fèis Fhoirt againn. Tha 'm pròiseact seo a toirt cothrom do dheugairean, a tha nas adhartaiche, comhlan a chruthachadh 's a dhol air chuairt anns a' choimhearsnachd, a faighinn obair samhraidh agus eòlas a bhith cluich air àrd-ùrlar.

Tha sinn a deanamh ar dìcheall taic a thoirt do phròiseactan Gàidhlig anns a choimhearsnachd, na measg, clasaichean Gàidhlig ann am Bun-sgoil Kinnaird ann a Larbert agus Àrd-sgoil MhicLabhruinn ann an Calasraid.

'S an Dàmhair, dà mhìle 's a dhà dhèug, chuir sinn air bhonn Feis Inbheach ann an Calasraid, rud a bha na pàrantan ag iarraidh bho chionn fada(!) agus bha seo air leth soirbheachail. Bith an darna Fèis Inbheach air an 26mh agus an 27th dhen Dàmhair, dà mhìle 's a trì-dèug.

Events and ClassesCèilidh Trail 2017News
Creative Scotland Fisean nan Gidheal Stirling Council Falkirk Council
Clackmannanshire Council Bord Na Gidhlig Highlands and Islands Enterprise Loch Lomond and Trossachs National Park Tollbooth Stirling
email | Fèis Fhoirt, 11, Drummond Place, Gargunnock, Stirling, FK8 3BZ
Website by Paul and Charlotte Murray | Photos by Louise Bichan